4.10.08

Leasan a Dhà

Ueill, sin a-nis na fuaimnean agad uile air do theangaidh! Nach e? Och, coma leat. Na gabh dragh idir mura h-eil iad agad fhathast. Bidh cothrom ann dhuit cumail a’ dol a’ fàs cleachdte riutha anns an leasan bheag shìmplidh eile a tha seo.

Coinneachadh ri daoine airson a’ chiad uair.

Nuair a choinneachas, no gu dearbha, ma thachras tu ri cuideigin eile airson a’ chiad uair riamh, bidh Iapanais a’ cleachdadh abairtean sònraichte stèidhichte. Sin ràdhan a dh’ fheumas tu cleachdadh ann an suidheachaidhean àraid; mar eisimpleir, ann a bhith a’ cur an aithne a chèile. Na gabh cus dragh mu dheidhinn ge-tà, tha sinn a’ dol a choimhead air dithis a tha coinneachadh airson a’ chiad uair, agus iad an ìre mhath dhen aon aois. (Tha a’ bhideo shìos aig bun na duilleige seo. Faodaidh tu èisteachd ris ma thogras tu.)

あいさつ(aisatsu)A’ cur fàilte air neach.

Tha Sìm MacAilean(28), à Obar Dheathain, ga chur fhèin an aithne Keiko Tanaka (tè, 32).

シーム
:こんにちは。わたしは、シーム です。

たなか:はじめまして。たなか・けいこです。どうぞよろしく。

Sìm: Konnichiwa. Watashiwa Sìm desu.

Tanaka: Hajimemashite. Tanaka Keiko desu. Douzo yoroshiku.

Bheireamaid sùil a-nis air na faclan is ràdhan a tha nochdadh anns a’ chòmhradh bheag seo.

田中 けいこ - Tanaka Keiko
こんにちは。Feasgar math (A' cur fàilte air neach, chan ann ga fhàgail)
はじめまして。- Cionnas a tha thu?
どうぞよろしく。- Tha mi toilichte coinneachadh riut.

わたしはシームです。Is mise Sìm.
たなかけいこです。Is mise Tanaka Keiko. (Keiko Tanaka)



Puingean Gràmair

1) Tha こんにちは (konnichiwa) mar “Feasgar math” ann an Gàidhlig, ach chan fhaodar a chleachdadh airson beannachd a leigeil le cuideigin.

2) Chan e facal a th’ ann an は(wa) , ach mion-fhacal. ‘S e dreuchd an comharra hiragana seo leantainn air cuspair an seantans. ‘S e sin cuspair, chan e cùisear (no suibseig)– tha diofar ann. ‘S e th’ ann an cuspair (topaig) an seantans ach na bhios an seantans mu dheidhinn. [‘S e oibseig ciall eile a th’ air an fhacail cuspair.]

Tha は(wa) fear de na mion-fhaclan as cumanta a-measg nan diofar mion-fhaclan a gheibhear ann an Iapanais. Tha na comharran-cuspair sin nan innleachd ghràmair gus cuspairean a nochdadh.

Tha です(desu) na ghnìomhair (is) (no mar as trice, tha) ann an riochd modhail.

*Mar eisimpleir: わたしはシームです。

Watashi wa Sìm desu. (Is mise Sìm)

[(A’ bruidhinn air mi-fhìn,)Is mise Sìm.]

Tha は a’ comharrachadh わたし – cuspair an seantans.

Mar sin dheth, ‘s e cùisear (suibseig) +cuspair (oibseig)+gnìomhair a th’ ann an òrdugh Iapanais, seach gnìomhair+cùisear+cuspair, mar a th’ againn sa Ghàidhlig.

3) Tha cultar Iapain làn riaghailtean is protocol agus ‘s ann mar sin a tha Iapanais. Tha i car riaghailteach a thaobh dè na h-abairtean is ràdhan a thathas a’ cleachdadh ann an gach suidheachadh sòisealta. ‘S e seo aon de na suidheachaidhean sòisealta far a bheil ràdhan sònraichte deatamach.

Thathas a’ cur “Cionnas a tha thu” (foirmeil) air Hajimemashite, ach ‘s e seo na tha e a’ ciallachadh facal air an fhacail: “ ‘S e seo a’ chiad uair” (a choinnicheas sinn)

Mar an ceudna, tha Douzo yoroshiku a’ ciallachadh “Bi (nad cheann) mhath (dhomh)" facal air an fhacail, ged ‘s e “Tha mi toilichte coinneachadh riut” a chuireas sinne air. Tha na ràdhan seo car gnàthach is riaghailteach, ach sin agad gnàth-fhaclan dhuit! Ann an suidheachadh nas fhoirmeile buileach, chanar Douzo yoroshiku onegaishimasu. Tha onegaishimasu a’ ciallachadh mas e do thoil e.

4) Niste, an dà phuing mu dheireadh. Ma dh’ fhaoidte gun tug thu fa-near nach tuirt Keiko Tanaka watashi wa (わたしは)ron ainm aice. Sin an rud, dh’ fhàg i an cuspair (topaig) a-mach às an abairt, agus ‘s e sin puing fìor chudthromach ann an gràmar Iapanais. Faodaidh tu an cuspair fhàgail a-mach ma bhios fios aig daoine cò air a bheil thu a’ bruidhinn, no dè mu dheidhinn, agus mar sin air aghaidh.

Tha òrdugh ainmnean pearsanta diofraichte cuideachd. Tha an sloinneadh aig an toiseach, agus a’ chiad ainm as a dhèidh.

Ceart ma-tà, sin e airson an dàrna leasan. Thèid faidhle fuaim a chur ris an ceann ùine bhig, agus guth Iapanach ag aithris nan sreathan.

じゃまたね。Ja mata ne. Mar sin leat an-dràsta!
video

7 comments:

Anonymous said...

Tapdh leibh! がんばりましょうよ

Sinner said...

Hey! I was wondering what language is this ( and I don't mean the Japanese ). Is it Hebrew? Seems a bit with Celtic :)

Steafan MacRisnidh said...

Hi, it's Gaidhlig. (Scottish Gaelic)

Sinner said...

Oh, nice! Is there a way I could begin learning? Seems very interesting :)

Steafan MacRisnidh said...

Of course!The books Teach Yourself Gaelic, Gaelic in Three Months, or this website which has lots of links for learners.

www.smo.uhi.ac.uk

Sinner said...

Great! thank you very much :)

Sinner said...

I could also help you with the Japanese lessons, if you decide to continue!