A thuilleadh air litrichean Sìneach, air a bheil Kanji, (litrichean nan Han), tha Iapanais a’ cleachdadh dà sgriobta eile: Hiragana agus Katakana. Tha gach litir Hiragana no Katakana gu tùr fogharach, a’ riochdachadh fuaimnean a’ chànain gu lèir. Chan eil Katakana air a chleachdadh ge-tà, ach airson faclan iasaid no fuaimnean is faclan cèin a riochdachadh. Thathas a’ cleachdadh Hiragana còmhla ri Kanji gu cunbhalach airson a h-uile càil eile. Ma bhios facal Iapanais ann aig nach eil Kanji, ‘s ann a thèid a sgrìobhadh ann an Hiragana. Gabhaidh Hiragana a chur air a h-uile facal Iapanais a tha sgrìobhte ann an Kanji, agus sa chiad dol-a-mach ‘s dòcha gur e seo an dòigh as fheàrr do luchd-ionnsachaidh a’ chànain.
Fuaimnean Iapanais
Cleachdaidh mi an dòigh-litreachaidh eadar-nàiseanta – rōmaji – gus fuaimneachadh Iapanais a thaisbeanadh. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudthromach na fuaimnean uile ionnsachadh mus tèid sinn an sàs ann an labhairt is leughadh a’ chànain. Seo dhuibh clàr nam fuaimnean uile, air an sealtainn le romanji (rōma ji – litrichean ròmanach) agus an sgriobta Hiragana. ‘S e Iapanach fhèin a tha gan labhairt.
Seo mar a thathas a' sgrìobhadh hiragana le peann no peannsail.
A bharrachd air na fuaimnean gu h-àrd, thathas ag atharrachadh cuid dhiubh mar seo:


Faic a' bhideo aig bonn na duilleige airson nam fuaimnean gu h-àrd.
Niste, tha mi an dòchas gun deach agaibh air na fuaimnean seo a labhairt, gun trioblaid sam bith. Tha sinn a’ dol a chur na fuaimnean uile an cleachdadh le bhith a’ fuaimneachadh fhaclan às a’ chànain. Ma leanas sibh oirbh agus na faclan aithris an dèidh a’ ghuth, ‘s e sin ‘s dòcha an dòigh as fheàrr airson a’ fàs cleachdte ri fuaimneachadh Iapanais.
あなたanata (thu)
いる iru (is/tha)
うみ umi (muir)
えん en (yen)
おもう omou (smaoinich)
かれ kare (e)
きぶんkibun (faireachdainn)
くち kuchi (beul)
けっか kekka (buil)
こめ kome (rìs)
さす sasu (sàth)
しんぶん shinbun (pàipear-naidheachd)
すいようび suiyōbi (Diciadain)
せなか senaka (druim)
そば soba (soba noodles)
たなか tanaka (ainm pearsanta)
ちほう chihō (ceàrn)
つめ tsume (ìne)
てら tera (teampull)
とにかく tonikaku (co-dhiù)
なつ natsu (samhradh)
にほん nihon (Iapan)
ぬるい nurui (flodach[uisge])
ねこ neko (cat)
のむ nomu (òl)
はは haha (màthair)
ひま hima (saor)
ふとう futō (cèis)
へる heru (lùghdaich)
ほうほうhōhō
まつりmatsuri (fèis)
みどりmidori (uaine)
むりmuri (neo-chomasach)
め me (sùil)
もも momo (peitseag bhàn)
やるyaru (dèan)
ゆめ yume (bruadar)
よこ yoko (taobh)
らく raku (comhfhurtail)
りゆう riyū (adhbhar)
する suru (dèan)
れんこん renkon
ロンドン rondon (Lunnainn)
わたし watashi (mi)
なに を ~ nani wo ~
じゅんばん junban (òrdugh, rang)
がっこうgakkō (sgoil)
ぎん gin (airgid)
かぐ kagu (àirneis)
あげる ageru (thoir)
ごま goma (seasaman)
ざっしzasshi (iris)
じこ jiko (fhèin)
ずっと zutto (an-còmhnaidh)
なぜ naze (carson)
ぞうzō (ailbhean)
だれdare (cò)
でんしゃ densha (trèan)
どこ doko (càite)
ばんごうbangō (àireamh)
びんぼう binbō (bochd)
ぶた buta (muc)
べんとうbentō (bocsa lòin)
ぼこくbokoku (dùthaich màthaireil)
Aon uair ‘s gun tèid agaibh air na fuaimnean seo ionnsachadh, leanamaid air adhart agus còmhradh beag sìmplidh a thogail.
